Gàidhlig


Tha sinn airson gum bi a h-uile neach-dèiligidh a’ faireachdainn misneachail, tèarainte, agus brosnaichte le a s(h)uidheachadh ionmhasail san àm ri teachd.

"Cha do shèid gaoth riamh nach robh an seòl cuideigin" ~ Seanfhacal Gàidhlig

Tha e uile mud dheidhinn-sa

Tha an dòigh sa bheil sinn a’ caitheamh ar beatha a’ nochdadh mar a tha an saoghal air atharrachadh: tha leasachaidhean ann an teicneòlas, slàinte agus eòlas-leighis a’ ciallachadh gu bheil sinn ceangailte nas fheàrr, beò nas fhaide agus a’ gabhail tlachd às ar beatha ann an dòighean ùra.

Tha seo a’ ceadachadh dhuinn mòran a bharrachd saoirse nuair a thig e gu bhith a’ taghadh mar a tha sinn airson ar beatha a chur seachad, tlachd a ghabhail à cluaineas agus ar teaghlach a fhrithealadh.

Feumaidh sinn a dhèanamh cinnteach gu bheil gu leòr airgid againn airson na tha sinn ag iarraidh a dhèanamh, ach faodaidh prìomhachasan atharrachadh agus mar sin tha feum againn air an t-sùbailteachd a bheir cothrom dhuinn atharrachadh ma dh’fheumas sinn.

Ar feallsanachd

Is e ar n-amas do dhèanamh cofhurtail. Tha fios againn gum faod dèiligeadh led airgead a bhith dùbhlanach aig a’ char as fheàrr, agus fìor thoinnte aig a’ char as miosa. Tha sinne an seo airson èisteachd gu cùramach, gach nì a mhìneachadh san dòigh as sìmplidh, agus thusa fhàgail a’ faireachdainn misneachail mu do shuidheachadh ionmhasail san àm ri teachd.

Tòisichidh sinn le bhith gad chuideachadh a’ sònrachadh do chinn-uidhe agus co-dhùnadh dè tha cudromach nad bheatha. Iarraidh sinn ort smaoineachadh mu dheidhinn seo gu mionaideach agus dh’fhaodadh gum mol sinn dhut beachdachadh air raointean eile air nach do smaoinich thu roimhe. Cuidichidh seo sinn leis an fhiosrachadh a tha a dhìth oirnn a thoirt am bàrr agus dealbh mhionaideach a chruthachadh den t-suidheachadh ionmhasail làithreach agad. Is e seo a’ phuing tòiseachaidh air an t-slighe againn agus a’ chiad cheum a dh’ionnsaigh do chuideachadh a’ coileanadh do chinn-uidhe.

Bidh sinn ag ath-sgrùdadh seo gu cunbhalach agus a’ dèanamh atharrachaidhean air an t-slighe, agus ge ’r bith dè thachras – eadar gur e cnap airgid a gheibh thu no amaladh a bhios ann – bidh do cheann-uidhe fad-amail far comhair an-còmhnaidh.

Smaoinich air mar thuras bho aon cheann den dùthaich chun a’ chinn eile: Dh’fhaodadh gur e do rùn Taigh ’An Ghròt a ruighinn, ach ’s dòcha nach e an aon slighe a bha thu an dùil nuair a thòisich thu, a ghabhas tu. Cuidichidh sinne thu a’ ruighinn do cheann-uidhe, chan eil e gu diofar de an cùrsa a ghabhas do bheatha.

Is e fios a bhith agad càite a bheil thu a’ dol – sin an nì a tha cudromach.

Sin an t-adhbhar gu bheil sinne aig Thorntons Investments, a’ cur an gnìomh modh-obrach ‘planaidh ionmhasail’. Tha seo a’ ciallachadh, an àite a bhith a’ moladh fuasgladh geàrr-amail tro thoraidhean fa leth, gu bheil sinn a’ cruthachadh plana mionaideach gus do chuideachadh le àrd-amasan ionmhasail fad-amail a choileanadh.

Plana a bhios a’ mean-fhàs rè ùine còmhla riut ach an-còmhnaidh mothachail don cheann-uidhe as fheàrr dhut.

“Am fear nach seall roimhe, seallaidh e na dhèidh – Seanfhacal Gàidhlig”

Faigh a-steach

Duaisean Gàidhlig na h-Alba

Tha sinn a’ cur taic ri Duaisean Gàidhlig na h-Alba agus tha sinn moiteil taic urrasachd a thoirt do roinn ‘Gàidhlig mar so-mhaoin eaconamach’.

Lorgar tuilleadh fiosrachaidh mu na duaisean air làrach-lìn an tachartais.

B’ e Taigh-tasgaidh Nan Eilean buannaiche na roinne seo an-uiridh.

Faigh a-steach

Faigh a-steach

Please leave this field empty.

Thorntons Investments strengthens discretionary management team

Jan 09, 2018

Thorntons Investments has appointed Alasdair Kyle to strengthen its discretionary management team.  A graduate of Aberdeen University and former pupi...

Read More